Postaichean as ùire

Cuairt-litir #58

21 An Giblean 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Casgan inbhidheachd

Tha NHS Mòr-roinn Ghlaschu is Cluaidh air casg eadar-amail a chur air a bhith a’ toirt seachad casgan inbhidheachd do mhion-aoisich an Alba.

Chaidh ainmeachadh Diardaoin le clionaig an Sandyford, an aon ospadal an Alba a bhios a’ toirt seachad cùram slàinte gnè do dhaoine òga, nach fhaigheadh euslaintich ùra casgan inbhidheachd gus am bi iad 18 bliadhna ach dhearbh iad nach toir an casg buaidh air euslaintich òga a tha air am faighinn mar-thà.

Tha seo a’ tighinn às dèidh àth-sgrùdaidh air seirbheisean gnè chloinne ann an Sasainn agus sa Chuimrigh a mhòl gun a bhith an toirt seachad do dh’euslaintich nas òige na 18 bliadhna.

Pàrtaidh Uaine na h-Alba

Bidh buill Pàrtaidh Uaine na h-Alba a’ bhòtadh air am bu chòir dhaibh Aonta Thaigh Bhòid agus le sin Riaghaltas na h-Alba fhàgail.

Tha seo a’ tighinn às dèidh do Riaghaltas na h-Alba ainmeachadh Diardaoin gu bheil iad a’ leigeil bhuapa na targaid aca gus lùghdachadh an trì chairteil a thoirt air gasaichean millteach ron bhliadhna 2030.

A bharrachd air sin, bha am buidheann Rainbow Greens air ath-chuinge a thòiseachadh iarraidh air a’ phàrtaidh bhòt a chumail air an aonta às dèidh do chlionaig an Sandyford casg eadar-amail a chur air a bhith a’ toirt seachad casgan inbhidheachd do dh’euslaintich ùra nas òige na 18 bliadhna.

Chaidh ainmeachadh oidhche hAoine gun tèid am bhòt a’ chumail aig coinneamh a’ phàrtaidh anns na seachdainean a tha romhainn.

Eucoir gràin

Bhòt Buill Pàrlamaid na h-Alba Diciadain an-aghaidh gluasad bho Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba gus cur às dhan achd ùr air eucoir ghràin.

Trans Report 2024

Lorg suirbhidh de 1,200 daoine LGDTC+ òga an Alba (iadsan eadar 13 & 25 bliadhna a dh’aois) gu bheil an ìre de shonas nam measg air a dhol an lughad thairis air an deich bliadhna mu dheireadh.

Chaidh na figearan fhoillseachadh le LGBT Youth Scotland na bu tràithe air an t-seachdain-sa mar phàirt de dh’ath-sgrùdadh air beathannan dhaoine tar-ghnèitheach òga an Alba.

Thuirt 37% de dhaoine LGDTC+ òga a dh’fhreagair an t-suirbhidh ann an 2022 gu robh iad a’ faireachdainn “Toilichte” no “Glè thoilichte” an coimeas ri 66% ann an 2012.

Tha na figearan a’ sealltainn ìsleachadh barrachd is 50% am-measg daoine tar-ghnèitheach òga o 59% ann an 2012 gu 28% ann an 2022.

Lorg an t-suirbhidh cuideachd nach eil ach 31% de dhaoine tar-ghnèitheach òga a’ faireachdainn sàbhailte anns a’ bhaile-dachaigh aca.

Lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach

Tha Lucy Frazer, Rùnaire na Stàite airson Cultar, na Meadhanan agus Spòrs, air iarraidh air buidhnean riaghlaidh spòrs casg a chur air lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach bho fharpaisean nam ban.

Mhol Frazer gum bu chòir do lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach farpais ann an raointean “fosgailte” gus nach bi “buannachd neo-chothromach” aig neach sam bith.

Tha buidhnean riaghlaidh a-leithid World Rugby, an RFU, an SRU, an WRU, World Aquatics, agus British Cycling uile air casgan a chur an gnìomh mar-thà ged nach eil fianais shoilleir ann gu bheil làmh an uachdair aig lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach air lùth-chleasaichean cìos-ghnèitheach.

An t-Suain

Ghabh Pàrlamaid na Suaine ri ghluasad Diciadain a nithear e laghail do dhaoine eadar 16 agus 18 bliadhna a dh’aois an gnè laghail atharrachadh.

Bidh aig an tagraiche cead fhaighinn bho phàrant, neach-glèidhidh, dhotair agus Bòrd Nàiseanta na Slàinte ach cuiridh às an lagh ùr an riatanas airson fianais-leigheis gu bheil neo-shàstachd gnè orra.

Bhòt 234 buill-phàrlamaid airson a’ ghluasad, 94 buill-phàrlamaid na aghaidh agus cha do bhòt 21.

West Virginia

Riaghail cùirt ann an West Virginia Dimàirt gu bheil an casg a chur an stàit air lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach bho fharpaisean nam ban a’ dèanamh leth-bhreith air tar-chaileag 13 bliadhna a dh’aois.

Chaidh an casg a chur an gnìomh ann an 2021, ach chur an t-oileanach tar-ghnèitheach, Becky Pepper-Jackson ath-thagradh a-steach an aghaidh às dèidh dha bhith air a casg bho bhith a’ gabhail ann an sgioba ruith a’ bhlàir aig an sgoil aice.

• • •

Cuairt-litir #57

14 An Giblean 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Seirbheisean Gnè Chloinne

Tha ath-sgrùdadh air seirbheisean gnè chloinne ann an Sasainn agus sa Chuimrigh air faiceall a mholadh do dhotairean ann a bhith a’ toirt casgan inbhidheachd do mhion-aoisich tar-ghnèitheach.

A-rèir an Dotair Hilary Cass a sgrìobh an aithisg chan eil fianais gu leòr ann gu bheil casgan inbhidheachd a’ toirt buaidh no droch-bhuaidh air neo-shàstachd gnè.

Tha 32 molaidhean uile gu lèir anns an aithisg, a ghabhas leughadh gu h-iomlan an seo.

Tha buidhnean LGBTC+ a leithid Mermaids agus Stonewall air ràdh, gum faodadh cànan na h-aithisge a bhith air a mhì-mhìneachadh gus bacaidhean a bharrachd a chur air òigridh tar-ghnèitheach bho bhith a’ faighinn cothrom air cùram agus dh’iarr iad air an NHS èisteachd dìreach ri dhaoine tar-ghnèitheach òga.

Seirbheisean Gnè Inbhich

Tha an NHS air ràdh gun dèan iad ath-sgrùdadh air seirbheisean gnè inbhich ann an Sasainn agus sa Chuimrigh.

Thathar ag aithris gum tèid an ath-sgrùdadh a dhèanamh le neach on taobh a-muigh agus gum bi e car coltach ris an ath-sgrùdadh a rinn an Dotair Hilary Cass air seirbheisean gnè chloinne.

Wes Streeting

Tha am Ball-Phàrlamaid Làbarach, Wes Streeting, air ràdh gu bheil e a’ gabhail aithreachas gun d’ thuirt e roimhe gur e “fireannaich a th’ anns an tar-fhireannaich, boireannaich a th’ anns an tar-bhoireannaich… gabh ris”.

Dh’innis Streeting dhan phàipear-naidheachd an Sun gu bheil tòrr iom-fhillteachdan na lùib agus gu bheil “uallach coitcheann” air luchd-poilitigs aghaidh a chur air na cùisean “sgainnealach” a chaidh a shoillseachadh anns an aithisg Cass.

A’ Ghearmailt

Bhòt Pàrlamaid na Gearmailte Dihaoine (12mh An Giblean) airson lagh a nithear e nas fhasa do dhaoine neo-bhìnearaidh agus tar-ghnèitheach an ainm agus an gnè atharrachadh gu laghail.

Bhòt 374 buill airson an lagh a thèid a chur an gnìomh san t-Samhain. Bhòt 251 buill na aghaidh agus cha do bhot 11 buill.

Thèid an lagh atharrachadh gus leigeil le daoine nas sìne na 14 bliadhna a dh’aois an ainm agus an gnè atharrachadh le bhith a’ dol gu oifis-chlàraidh agus gus cur às do riatanas airson fianais mheidigeach.

Bidh aig mion-aoisich nas sìne na 14 cead fhaighinn bho am pàrantan, no bho chùirt-teaghlaich.

Am Pàpa

Tha Pàpa Francis air bruidhinn a-mach an-aghaidh obair-lannsa daingneachadh gnè, leatromachdan ionaid agus casgan-breith ann an sgrìobhainn ùr a chaidh fhoillseachadh leis a’ Bhatacan Diluain (8mh An Giblean).

Sgrìobh am Pàpa gum bu chòirear obair-lannsa daingneachadh gnè a’ seachnadh o chionn ‘s gu bheil e a’ bagairt air urram fa leth an neach agus nach bu chòir dha bhith ceadaichte ach nuair a tha eadar-dhealachaidhean ann am feartan gnè an neach.

Faodar an sgrìobhainn iomlan a leughadh an-seo.

Ball-lìn

Tha buidheann-riaghlaidh ball-lìn na cruinne air casg a chur air lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach bho fharpaisean eadar-nàiseanta.

Dh’ainmich iad am poileasaidh ùr Diluain (8mh An Giblean) agus chaidh a chur an gnìomh sa bhad.

Tha am poileasaidh ùr cuideachd ag ràdh gum faod lùth-chleasaichean neo-bhìnearaidh a bha air an clàradh mar bhoireannach aig àm am breith agus nach eil air teiripe bhrodagan a thòiseachadh fhathast farpais aig an ìre eadar-nàiseanta.

Jeremy Finlayson

Chaidh casg trì geamaichean air an cluicheadair Lìog Ball-coise Astràiliach, Jeremy Finlayson, an dèidh dha cànan a bha ri oillt cho-sheòrsach a chleachdadh rè geama na bu tràithe air a’ mhìos.

• • •

Cuairt-litir #56

07 An Giblean 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

William Wragg

Thuirt am Ball-Pàrlamaid Tòraidheach, William Wragg, dhan Times gun deach cuideam a chur air àireamhan fon bhall-pàrlamaid eile a thoirt do dhuine ris an do thachair e air an aplacaid suirghe gèidh, Grindr.

Thuirt Wragg gun tug e na h-àireamhan seachad o chionn ‘s gun robh an t-eagal air mu stuth mì-iomchaidh a bh’ aig an duine air.

Na Nàiseanan Aonaichte

Ghabh Comhairle nan Nàiseanan Aonaichte air Còirichean Daonna ri rùn Diardaoin (4mh An Giblean) a tha ag aithneachadh gu bheil daoine le eadar-dhealachaidhean nam feartan gnè air leth-bhreith a fhulaing anns gach raon nam beathannan.

A-rèir eòlaichean a chaidh ainmeachadh san rùn, tha mu 1.7% de leanabhan air feadh an t-saoghail air am breith eadar-sheòrsach.

Ullaichidh Àrd-choimiseanair Còirichean Daonna nan Nàiseanan Aonaichte aithisg air an seòrsa leth-bhreith a bhios daoine eadar-sheòrsach a’ fulang agus dè ghabhas a dhèanamh gus a mhaothachadh.

EuroGames

Chaidh ainmeachadh gun tèid EuroGames 2027 a chumail ann an Caerdydd.

’S e seo a’ chiad turas gun tèid na geamaichean, a tha fosgailte do lùth-chleasaichean LGDTC+ uile, a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh na geamaichean, a tha air an stiùireadh leis an EGLSF (European Gay and Lesbian Sport Federation) a chumail ‘son a’ chiad turas ann an 1992 aig The Hague anns na Tìrean Ìsle.

Tha dùil gun siubhail suas ri 10,000 lùth-chleasaiche gu Caerdydd ann an 2027 gus farpais anns na geamaichean.

An Ruis

Rinn buidheann nan còraichean daonna, OVD-info, aithris Didòmhnaich (31mh Am Màrt) gun deach neach-seilbh Pose, bàr LGDTC+ anns an Rùis, a chur an grèim fo chasaid “eastramachas LGDTC+”.

Cha deach an ainmeachadh fhathast, ach chaidh aithris gun deach an cur an grèim Diardaoin (28mh Am Màrt) aig Port-adhair Moscow.

Chaidh neach-rianachd a’ bhàr, Diana Kamilyanova, agus stiùirich-ealain a’ bhàr, Alexander Klimov, a chur an grèim na bu tràithe air a’ Mhàrt an dèidh gun tug Ministreachd na Dùthcha agus poileas-aimhreit ruaig air a’ bhàr rè taisbeanadh-draga.

Riaghail Àrd-chùirt na Ruise san t-Samhain gur e buidheann eastramach a th’ anns an gluasad LGDTC+ eadar-nàiseanta agus mar sin dh’fhaodadh binn suas ri deich bliadhna sa phrìosan a chur air an triùir aca ma bhios iad air am faighinn ciontach.

Na Stàitean Aonaichte

Dh’ainmich an FDA (Food & Drug Administration) gun tog iad an casg a th’ air fireannaich gèidh agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad sìol-ghinidh.

Chaidh an casg a chur an gnìomh anns na 1980an ri linn a’ ghalair-sgaoilte HIV/AIDS agus e a’ toirmeasg fireannaich bho bhith a’ toirt seachad sìol-ghinidh ma tha iad air a bhith ri feise ghèidh anns na còig bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha an FDA an dòchas an casg a thogail ro dheireadh 2024 agus ‘na àite iad airson measadh cunnairt fa leth a dhèanamh air gach tabhartaiche.

Wisconsin

Tha Riaghladair Wisconsin, Tony Evers, air a bhìoto a chleachdadh gus stad a chur air bile a a chuireadh casg air oileanaich tar-ghnèitheach bho bhith a’ farpais airson sgiobaidhean spòrs a tha a’ co-fhreagairt ris an dearbh-aithne gnè aca.

Manuel Guerrero Aviña

Tha bràthair Manuel Guerrero Aviña, am fireannach Breatannach-Meagsagach a chaidh a chur an grèim ann an Qatar airson an aplacaid suirghe gèidh, Grindr, a chleachdadh, air innse dhan iris Attitude gun deach cuideam air a bhràthair ainmean a chèilean fèiseil a thoirt seachad.

Chaidh Manuel, 44, a chur an grèim sa Ghearran an dèidh dha freagairt a chur ri teachdaireachd brèige a fhuair e air Grindr.

Chaidh a leigeil mu sgaoil, ach e fhathast fo chasaid agus tha casg air bho bhith a’ falbh na dùthcha.

Thuirt Enrique Guerrero Aviña ri Attitude gu bheil dragh air a bhràthair mu a shlàinte - tha HIV air agus e a’ ruith a-mach às na drogaichean antiretroviral aige.

• • •

Cuairt-litir #55

24 Am Màrt 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

A’ Chuimrigh Nuadh a Deas

Bhòt Buill Seòmar Uachdarach Pàrlamaid na Cuimrigh Nuadh a Deas an t-seachdain seo gus casg a chur air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh” san stàit.

Bhòt an t-Seòmar 22-4 airson a’ bhile a dhèanas e mì-laghail cuideachd neach a thoirt gu stàit eile far a bheil na cleachdaidhean seo fhathast ceadaichte.

Alex Franco

Chaidh corp tar-fhireannach a lorg ann an sgìre fàsach Utah Dimàirt.

Bha Alex Franco, 21, air a dhol a dhìth Didòmhnaich.

Thuirt na Poilis ann an Taylorsville gun deach dithis dheugaire, 15 agus 17, a chur an grèim ann an co-cheangal ris a bhàs.

Nex Benedict

Tha neach-casaid ann an Oklahoma air ràdh nach tèid casaidean a thogail air na trì caileagan a bha an-sàs ann an sabaid le Nex Benedict an latha roimh a bhàs.

Alabama

Bhòt luchd-lagha ann an Alabama Diciadain gus an lagh a thoirmisgeas cuspairean LGDTC+ ann am bun-sgoiltean a leudachadh do dh’àrd-sgoiltean.

Cuideachd bhòt iad airson atharrachadh air an lagh gus casg a chur air luchd-obrach sgoile bho bhith a’ nochdadh brataichean pròise ann an sgoiltean.

Pennsylvania

Chaidh leabhar-lann ann am Pennsylvania a fhalmhachadh leis na Poilis Disathairne an dèidh dhaibh fios fhaighinn mu ionnsaigh-bhoma air thoiseach air tachartas Drag Queen Story Hour.

Thuirt luchd-smàlaidh bhomaichean gun do lorg iad pacaid tràth madainn Disathairne ach dhearbh iad nach e bomb a bh’ ann.

Thuir na Poilis gu bheil iad fhathast a’ rannsachadh bagairtean a bharrachd gun d’fhuair iad air post-d.

• • •

Chan fhaod luchd-obrach a' Phàrlamaid bràistean a' bhogha-fhroise a chur air tuilleadh

22 Am Màrt 2024

Chaidh ainmeachadh an-dè nach biodh cead aig luchd-obrach air am fastadh le Pàrlamaid na h-Alba tuilleadh lainneardan, prìneachan no bràistean a tha a’ nochdadh taic do ghluasadan sòisealta a chur air.

Chan eil an casg, a chaidh a chur an-gnìomh sa bhad, a’ buntainn do Bhuill-phàrlamaid no an luchd-obrach acasan.

• • •

Cuairt-litir #54

17 Am Màrt 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

JK Rowling

Chaidh càineadh a dhèanamh air JK Rowling an dèidh dhi fanaid a dhèanamh air tar-ghnèithich a-rithist.

Ann am post Twitter gus Là nam Màthraichean a chomharrachadh, sgrìobh Rowling, “Happy Birthing Parent Day to all whose large gametes were fertilised resulting in small humans whose sex was assigned by doctors making mostly lucky guesses”.

Thuirt an cleasaiche, George Takei, gun do “chuir e bròn air” faclan den leithid a leughadh.

Thuirt an craoladair Narinder Kaur gu bheil e brònach gun do thagh Rowling burraidheachd a dhèanamh air buidheann de dhaoine a tha air am màbadh mar-thà.

Keir Starmer

Tha Keir Starmer air a thaic a nochdadh do chasg air tar-bhoireannaich a’ farpais ann an spòrs nam ban.

Tha iomadh bhuidheann-riaghlaidh spòrs, leithid Aonadh Rugbaidh na h-Alba, air casgan a chur air tar-bhoireannaich o chionn ghoirid.

Thuirt Starmer ris The Telegraph na bu tràithe air an t-seachdain seo gu bheil e a’ cur taic ri co-dhùnaidhean nam buidhnean-riaghlaidh.

Stoke-on-Trent

Chaidh binn 10 bliadhna sa phrìosain air fireannach a dh’èignich fireannach ann an Stoke-on-Trent anns an Fhaoilleach 2022.

Chaidh Pawel Flak, 39, a dhìteadh san Dùbhlachd. Chaidh cuideachd a chur air clàr nan eucoireach feise fad a bheatha.

Casgan-inbhidheachd

Dh’ainmich NHS Shasainn Dimàirt nach tèid casgan-inbhidheachd a thabhann tro òrdugh-cungaidh do dh’euslaintich thar-ghnèitheach òga ùra.

Tha casgan-inbhidheachd air an cleachdadh gus dàil a chur air atharrachaidhean gun iarraidh nam feartan gnè.

Thuirt a’ charthannas, Mermaids, gur e briseadh-dùil mòr a th’ anns an naidheachd agus gun toir e buaidh mhòr air a’ choimhearsnachd.

An Fhraing

Bhòt Buill-phàrlamaid na Frainge airson bile a tha ag amas air airgead-dìolaidh a thoirt don fheadhainn a chaidh a dhìteadh de cho-sheòrsachd eadar 1942 agus 1982.

Thèid am bile a-nis air adhart don t-Seanadh airson sgrùdadh.

Nirribhidh

Tha fear, 44, a tha fo chasaid cheannairceachd air dol as àicheadh na casaid.

Chaidh dithis fhear a mharbhadh agus grunn neach a bharrachd a leòn ann am mòr-losgadh taobh a-muigh club-oidhche LGDTC+ ann an Oslo rè Mìos na Pròise 2022.

Chaidh Zaniar Mataport a chur an grèim fo goirid an dèidh na h-ionnsaighe.

Chuir an neach-casaid, Sturla Henriksbø, às leth Mataport gun do loisg e 10 peilear o bheart-ghunna agus 8 a bharrachd o ghunna-làimhe mus deach a bhacadh le luchd-amhairc.

Thuirt Henriksbø cuideachd gun robh Matapour, a rugadh ann an Ioràn, air ùmhlachd a nochdadh don Stàit Ioslamach ron ionnsaigh.

Tha a’ chùis-lagha fhathast a’ dol is dùil gun tig e gu crìoch sa Chèitean.

Nex Benedict

Tha Àrd-sgrùdaiche Meadaigeach Oklahoma air ràdh gun do chur an deugaire tar-ghnèitheach, Nex Benedict, làmh na bheatha fhèin.

A-rèir aithisg a chaidh sgaoileadh Diciadain, b’ e tar-dhòs de dhrogaichean fochann bàis dha.

Bhàsaich Benedict, a bha dà-sprioradach agus a chleachd na riochdairean e/iad, 8mh An Gearran.

Bha e air a bhith san ospadal an latha roimhe an-dèidh gun tug trì chaileagan ionnsaigh air ann an taigh-beag sgoile.

• • •

Achd Eucoir Gràin is Òrdugh Poblach (Alba) ga chur an gnìomh

12 Am Màrt 2024

Tha Riaghaltas na h-Alba air ainmeachadh gun tèid Achd Eucoir Gràin is Òrdugh Poblach (Alba) a chur an gnìomh 1d An Giblean.

Leudachaidh an achd an reachdas a th’ ann an-dràsta le bhith:

  • a’ cur aois ris mar fheart ùr ann an co-cheangal ri tromachadh eucoirean tro chlaon-bhreith;

  • a’ cruthachadh eucoirean ùra co-cheangailte ri bhith a’ dùsgadh fuath a’ buntainn ris na feartan clàraichte: aois, ciorram, creideamh, taobhadh feise, dearbh-aithne tar-ghnè, agus atharrachaidhean nam feartan gnè;

  • ag ùrachadh a’ mhìneachaidh air dearbh-aithne thar-ghnè gus iomradh a thoirt air tar-bhoireannaich, tar-fhireannaich agus daoine neo-bhìnearaidh aig nach eil dearbh-aithne a tha boireann no fireann;

  • a’ toirt air falbh an teirm “eadar-sheòrsach” agus a’ cruthachadh roinn air leth airson atharrachaidhean nam feartan gnè.

Tha an achd a’ cuideachd a’ cur às don eucoir lagh cumanta de thoibheim. Cha deach casaid a thogail mun eucoir sin o chionn 1843.

A-rèir figearan a chaidh fhoillseachadh le COPFS (Oifis a’ Chrùin ⁊ Seirbheis Neach-casaid a’ Chrùin) an-uiridh, thuit an àireamh de dh’eucoirean gràin ann an Alba le 2% ann an 2022-23.

Sheall na figearan cuideachd, ge-tà, gu bheil an àireamh de dh’eucoirean gràin a’ buntainn ri taobhadh feise air àrdachadh bho 16% ann an 2013-14 gu 33% ann an 2022-23, agus gun robh 55 eucoirean gràin a’ buntainn ri dearbh-aithne tar-ghnè ann an 2022-23.

• • •

Highland Pride 2024 air ainmeachadh

09 Am Màrt 2024

Tha eagraichean Highland Pride air ainmeachadh gum bi iad a’ comharrachadh Pròis 2024 anns an Ògmhios / an Iuchar le sreath de thachartasan air feadh na Gàidhealtachd.

Nam measg thèid caismeachd-pròise na bliadhna seo a chumail 22na An t-Ògmhios ann an Inbhir Nis.

Cumaibh sùil air nam meadhan-sòisealta aca air Instagram no Facebook no Twitter airson barrachd fhiosrachaidh.

• • •

Hebridean Pride ann an cunnart dùnadh

05 Am Màrt 2024

Tha Hebridean Pride air ainmeachadh gun tèid an cur mu sgaoil an ceann cola-deug mura lorg iad co-dhiù 5-7 neach a bhios deònach smachd a thoirt air stiùireadh an tachartais.

Bidh a’ chomataidh-stiùiridh làithreach a’ fàgail an dreuchdan aig a’ choinneamh bhliadhna 18mh Am Màrt.

Bidh iad a’ coinneachadh 11m anns An Leòdhas Ùr ann an Steòrnabhagh agus bidh fàilte air neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith a’ gabhail anns a’ chomataidh a fhrithealadh no fios a chur gu hebpride@gmail.com.

• • •

Cuairt-litir #53

03 Am Màrt 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

An t-Seic

Bhòt Pàrlamaid na Seice Diciadain gus companasan-catharra aon-sheòrsach a dhèanamh laghail.

Fon bhile, bidh càraidean aon-sheòrsach cuideachd comasach air clann uchd-mhacachadh cho fhad ’s a tha aon dhiubh na phàrant bith-eòlasach don leanabh.

Dhiùlt iad co-ionnannachd pòsaidh agus còraichean uchd-mhacachaidh làn a dhèanamh laghail ge-tà.

Feumaidh an Seanadh agus Ceann-suidhe Petr Pavel aonta a chur ris a’ bhile fhathast mus tèid a stèidheachadh ann an lagh.

Nex Benedict

Chruinnich daoine air feadh nan Stàitean Aonaichte thairis air na deireadh sheachdain gus an deugaire Nex Benedict a chuimhneachadh.

Mar a chaidh aithris roimhe, bhàsaich Benedict latha an dèidh gun tug trì nigheannan ionnsaigh orra ann an taigh-beag sgoile.

Chaidh iomairt sluagh-mhaoineachaidh a thòiseachadh air GoFundMe gus an teaghlach a chuideachadh leis na cosgaisean tìodhlacaidh.

Indiana

Tha e a-nis mì-laghail cùram-slàinte daingneachadh gnè, a leithid casgan-inbhidheachd, a thabhann do mhion-aoisich ann an Indiana an dèidh do Chùirt nan Ath-thagraidhean òrdugh-bacaidh a bh’ air Bile 480 a thogail.

Tennessee

Shoidhnig Riaghladair Bill Lee bile ’na lagh 21d An Gearran a nithear e laghail do dh’oifigich ann an Tennessee diùltadh càraidean aon-sheòrsach a phòsadh.

Utah

Dhiùlt Taigh Riochdairean na h-Utah bile Diluain a chuireadh casg air brataichean bogha-froise bho sheòmraichean-teagaisg.

Jesse Baird / Luke Davies

Chaidh dà chorp a lorg leis na Poilis ann an Sydney a bha a’ coimhead airson a’ phreasantair t.bh., Jesse Baird, agus a bhràmair, Luke Davies.

Chaidh an cuirp a lorg air làrach dùthchail ann am Bungonia, baile beag mu 115 mìle taobh a-muigh Sydney.

Mar a chaidh aithris roimhe, nochd oifigear-poilis agus seann bhràmair Baird, Beau Lamarre, sa chùirt Dihaoine seo chaidh fo dà chasaid mhuirt an dèidh mar a chaidh fuil agus peilear bho a ghunna a lorg air taigh Baird.

Gàna

Tha Pàrlamaid Ghàna air gabhail ri bhile a nithear e mì-laghail aithneachadh mar LGDTC+ no iomairt airson còraichean LGDTC+.

Fon bhile, dh’fhaodadh binn suas ri trì bliadhnaichean sa phrìosain a chur air daoine LGDTC+.

Cuideachd cuireadh am bile binn suas ri còig bliadhnaichean sa phrìosain air an fheadhainn a bhios a’ ruith no a’ maoineachadh buidhnean-iomairt LGDTC+, no 10 bliadhna air neach sam bith a tha an-sàs ann am buidhnean-òigridh LGDTC+.

Tha feise ghèidh mì-laghail ann an Gàna mar-thà agus i air a pheanasachadh le trì bliadhnaichean sa phrìosan.

Twitter

Tha Ars Technica ag aithris gu bheil Twitter air poileasaidh a chuireas casg air cleachdaichean bho bhith a’ toirt iomradh air seann ghnè no ainm neach tar-ghnèitheach a chur an gnìomh a-rithist.

Bha an lìonra-sòisealta air a chùl a chur ris a’ phoileasaidh sa Ghiblean 2023.

• • •

Cuairt-litir #52

25 An Gearran 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Oidhirp air murt

Nochdaidh boireannach, 19, sa chùirt an ath mhìos fo chasaid gun do rinn i oidhirp air murt an dèidh mar a chaidh thar-bhoireannach, 18, a lorg air a sàthadh ceithir deug tursan air an taobh iar-thuath Lunnainn 10mh An Gearran.

Nochdaidh Summer Betts-Ramsey aig an Old Bailey 12na Am Màrt gus tagradh a dhèanamh.

Thuirt na poilis gu bheil iad cuideachd air triùir a bharrachd a chur an grèim ann an co-cheangal ris an ionnsaigh agus dh’iarr iad air neach sam bith aig a bheil fios mu na thachair fios a chur thuca air 101 agus an àireamh 6306/10Feb a thoirt seachad.

JK Rowling

Thathar ag aithris gu bheil JK Rowling air tabhartas £70,000 a thoirt do dh’iomairt sluagh-mhaoineachaidh leis a’ bhuidheann, For Women Scotland, a tha a’ feuchainn ri dùbhlan laghail a thogail an aghaidh riaghladh cùirte 2023 gu bheil mìneachadh laghail an fhacal “boireannach” ion-ghabhalach air boireannaich thar-ghnèitheach.

Gu ruige seo, tha an sluagh-mhaoineachadh air £133,400 a thogail bho còrr is 2,000 neach. Dotairean gèidh

Tha Comhairle Choitcheann Mheadaigeach air leisgeul oifigeil a thabhann do dhotairean a chaidh an cur às an dreuchdan air sgàth ’s gu bheil iad gèidh.

Lorg ion-sgrùdadh gun deach co-dhiù ochdar a chur às an dreuchd mar thoradh air an taobhadh-feise aca, agus gun robh co-dhiù 40 dotair a bharrachd fo sgrùdadh eadar 1899 agus 1994.

Nex Benedict

Tha na Poileas ann an Oklahoma a’ rannsachadh mar a bhàsaich deugaire neo-bhìnearaidh an dèidh ionnsaigh ann an taigh-beag sgoile.

Thathar ag aithris gun tug trì nigheanan ionnsaigh air Nex Benedict 7mh An Gearran agus gun deach Nex a thoirt dhan ospadal le leòntan mu an ceann.

Thill iad dhan ospadal an ath latha far an do bhàsaich iad.

Thuirt na Poilis gu bheil iad a’ rannsachadh na thachair, ach chan eil iad cinnteach aig an ìre seo ma dh’adhbhraich ann ionnsaigh bàs Nex.

Jesse Baird / Luke Davies

Nochd oifigear-poilis ann an cùirt Dihaoine (23mh An Gearran) fo dà chasaid mhuirt an dèidh mar a chaidh am preasantair t.bh., Jesse Baird, 26, agus a bhràmair, Luke Davies, 29, a dhìth Diluain ann an Sydney.

Ghèill Beau Lamarre, 28, seann bhràmair Baird, e fhèin ris na poilis Dihaoine ach chan eil e air taic a thoirt riutha fhathast.

Cha deach cuirp an dithis fhireannach lorg fhathast, ach lorg na poilis fuil agus peilear bho ghunna Lamarre aig taigh Baird ann am Paddington agus iad a’ creidsinn gun deach an càraid a mhurt aig an taigh 19mh An Gearran eadar 12:01m agus 5:30f.

• • •

22 daoine air an cur gu bàs anns an Eaman airson casaidean co-cheangailte ri co-sheòrsachd

17 An Gearran 2024

Tha Amnesty International ag aithris gu bheil dà chùirt anns an Eaman air binn-bhàis a chur air 22 daoine airson casaidean co-cheangailte ri co-sheòrsachd.

San Fhaoilleach chur cùirt ann an Dhamar binn-bhàis air naoinear - seachdnar gu bhith air an cur gu bàs le clachadh agus an dithis eile le ceusadh - agus binnean prìosain eadar 6 mìosan agus 10 bliadhna air 23 daoine a bharrachd airson casaidean co-cheangailte ri co-sheòrsachd agus “gnìomhan mì-mhoralta”.

Cuideachd chur cùirt ann an Ibb binn-bhàis air 13 oileanaich agus binn chuipidh air triùir a bharrachd 1d den Ghearran airson “co-sheòrsachd a sgaoileadh”.

• • •