sa chlòsaid

Mìneachadh

Canar gu bheil neach sa chlòsaid nuair nach eil iad air innse do dhaoine eile gu bheil iad LGDTC+.

Tha e comasach, agus cumanta a bhith an dà chuid sa chlòsaid agus a-mach às a chlòsaid ann an diofar shuidheachaidhean - mar eisimpleir dh’fhaodadh neach tighinn a-mach do charaid ach fuireach sa chlòsaid aig an sgoil no san àite-obrach.

Eadar-theangachaidhean

🇮🇪 faoi choim (lit: under a cloak)

🏴󠁧󠁢󠁥󠁮󠁧󠁿 closeted / in the closet

Faclan co-cheangailte

tighinn a-mach

⬅️ Air ais